
bear mccreary - moch sa mhadainn lyrics
Loading...
hùg hó ill a ill ó
hùg hó o ró nàill i
hùg hó ill a ill ó
seinn oho ró nàill i
moch sa mhadainn is mi dùsgadh
is mòr mo shunnd is mo cheòl-gàire
on a chuala mi am prionnsa
thighinn do dhùthaich chloinn ràghnaill
gràinne-mullach gach rìgh thu
slàn gum pill thusa theàrlaich
is ann tha an fhìor-fhuil gun truailleadh
anns a’ ghruaidh is mòr naire
mar ri barrachd na h-uaisle
dh’ èireadh suas le deagh nàdar;
is nan tigeadh tu rithist
bhiodh gach tighearna nan àite
is nan càraicht an crùn ort
bu mhùirneach do chàirdean;
bhiodh loch iall mar bu chòir dha
cur an òrdugh nan gàidheal
Random Lyrics
- jean racine - i would like it lyrics
- cvsper-x - 999 lyrics
- the exploited - spg lyrics
- michael mcdonald - lonely teardrops lyrics
- hot milk - candy coated lie$ lyrics
- leon redbone - mr. jelly roll baker lyrics
- kokia - transparent lyrics
- frei.wild - altes, neues leben lyrics
- joan sebastian - el siete vidas lyrics
- majestic (band) - blood of the tail lyrics