calum alex macmillan - an iarran-mònach lyrics
tha ‘n iarran mònach air a spar
an dùil an thig e nuas gu bràth
a ghearradh mòine dhomh air blàr
a+measg an fhraoich sna tomanan
bha mi ‘n+dè sa sguab nam làmh
‘s mi toirt sgriob air glanadh làir
an uair a thug mi sùil an àrd
sann thòisich e ri bruidhinn rium
ghluais mi null is shuidh mi sios
‘s mi ‘n dùil gu robh mi as mo chiall
oir cò an duine chual a+riamh
an iarran mònach bruidhinn ris
thuirt e tha sinn mìos na màigh
an àm a b’ abhaist dhomh bhith ‘n sàs
a gearradh mòine dhut air blàr
a chumadh blàths gu h+earrach thu
a bheil thu ‘g ràdh g’ eil thu ro aosd
chan eil sin ach còmhradh faoin
tha mise ‘s tusa an co+aois
‘s a+riamh cha d’ fhiult mi gearradh dhut
na smaoinich thusa dhuine truagh
mar tha pris a’ ghual dol suas
mus pàigh thu ‘n ola chuain a’ tuath
nach truagh a bhios do sporran+sa
nuair a thig an geamhradh reoitht
bidh thusa dùinte na do chòt’
boinneag sileadh as do shròin
as d’ fhiacalan mòr ri snagadaich
dh’ fhalbh mi sin is sheas mi an àrd
is dh’innse mi dhàsan mar a bha
tha ‘n t+siataig air a thighinn nam làimh
‘s bhiodh tilgeil fàdan duilich dhomh
tha d’ obairs’ seachad gu math luath
cha dean thu rùdhain a chuir suas
na ‘s motha na sin cha dean thu cruach
‘s e ‘n obair cruaidh a th’ agamsa
you might also like
tha mi nise na mo dhùisg
o cha robh sin ach aisling faoin
ach chuir e m’ inntinn sa gu smaoin
‘m bu choir dhomh buain an ath+bhliadhna
Random Lyrics
- bubblegum boyfriend - terrified lyrics
- toni basil - girls night out lyrics
- twiins - club can't handle me lyrics
- alps cru (rap) - just can't explain lyrics
- maisie peters - feel like 2020 lyrics
- аквариум (aquarium) - обида (resentment) lyrics
- vwillz - sink or swim lyrics
- ĵomart kaj nataŝa - filineto lyrics
- rone nfn - one day lyrics
- uli - desde que no estás lyrics