azlyrics.biz
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

capercaillie – breisleach lyrics

Loading...

chaidh mi ‘n-dé dhan choille challtainn
shireadh chnòthan airson bladh
ach ‘s e bh’air a h-uile geug ach
d’aodann-sa gam thriall
chaidh mi ‘n-dé gu tràigh a’ mhaoraich
lòn de choilleagan a bhuain
nochd a h-uile slige neamhnaid
d’àilleachd-sa a luaidh

chaidh mi staigh dhan aon taigh-òsda
son do sgiùrsadh as mo cheann
h-uile glainne thog mi thaom do
mhaiseachd aist’ na deann
chiaon mi tràth a-raoir dhan leabaidh
thusa ruagadh as le suain
ach cha tug thu cead dhomh cadal
gus an dèanainn duan

dh’iarrainn-sa bhith saor od thòireadh
ach gu bheil sinn roinnt o chéil’
do chumadh bhith an àit’ do shamhla
agam bhios an fhèill
dh’fhàg thu mi ‘nam bhaothair gòrach
bòdhradh chàirdean le do chliù
nuair a thig thu chì iad nach eil
mearachd ann am fhiù

chì iad sgurr a’ danns le saobh-shruth
famh is iolair’ anns an ruidhl’
stamh gu caomh ag altram sùbh-làir
mireadh mu an sùil
chì iad mis’ is thusa sùgradh
bil ri bil ar n-anail aoint’
cniadachadh mar seo gu sìor le
chéile b’ e ar maoin



Random Lyrics

HOT LYRICS

Loading...