azlyrics.biz
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

julie fowlis - an eala bhàn lyrics

Loading...

gur duilich leam mar tha mi
‘s mo chridhe ‘n sàs aig bròn
bhon an uair a dh’fhàg mi
beanntan àrd a’cheò
gleanntannan a’mhànrain
nan loch, nam bàgh, ‘s nan stròm
‘s an eala bhàn ‘tha tamh ann
gach là air ‘m bheil mi’n tòir

a mhagaidh na bi tùrsach
a rùin, ged gheibhinn bàs
cò am fear am measg an t-sluaigh
a mhaireas buan gu bràth?
chan eil sinn uileadh ach air chuairt
mar dhìthein buaile fàs
bheir siantannan na bhliadhna sìos
‘s nach tog a’ghrian an àird

air m’uilinn anns na truinnseachan
tha m’inntinn ort, a ghràidh
nam chadal bidh mi ‘bruadar ort
cha dualach dhomh bhith slàn
tha m’aigne air a lìonadh
le ci-n-las cho làn
‘s a ghruag a dh’fhàs cho ruadh orm
a-nis air thuar bhith bàn

[instrumental break]

mas e ‘s gu bheil e ‘n dàn dhomh
o’n bhlàr gu’n till mi beò
is gu’m faic mi’n t-àite
‘s an deachaidh m’àrach òg
bidh sinne ‘s crathadh làmh againn
is bilean blàth toirt phòg
‘s mo ghealltanas bidh pàighte dhut
le fàinne chur mu d’mheòir

ach ma thig an t-àm
is anns an fhraing gu’m faigh mi bàs
‘s an uaigh gu’n tèid mo shineadh
far éil na mìltean chàch
mo bheannachd leis a’ghruagaich
a’chaileag uasal bhàn
gach latha a dh’fhalbh gun uallach dhi
gun nàire gruaidh na dhàil

oidhche mhath leat fhéin, a rùin
nad leabaidh chùbhraidh bhlàth
cadal sàmhach air a chùl
do dhùsgadh sunndach slàn
tha mise ‘seo ‘san truinnsidh fhuair
nam chluaisean fuaim a bhàis
gun dùil ri faighinn às le buaidh
tha’n cuan cho buan ri shnàmh



Random Lyrics

HOT LYRICS

Loading...