azlyrics.biz
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

julie fowlis - bothan àirigh am bràigh raithneach lyrics

Loading...

[verse]
gur e m’ anam is m’ eudail
chaidh an+dè do ghleann garadh
fear na gruaig’ mar an t+òr
is na pòg air bhlas meala

[chorus]
o hi ò o hu ò, o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ri ò gheallaibh ò

[verse]
is tu as fheàrr don tig deise
de na sheasadh air thalamh
is tu as fheàrr don tig culaidh
de na chunna mi dh’ fhearaibh

[verse]
is tu as fheàrr don tig osan
is bròg shocrach nam barrall
còta lunnainneach dubh+ghorm
is bidh na crùintean ga cheannach

[verse]
an uair a ruigeadh tu ’n fhèill
is e mo ghèar+sa a thig dhachaigh
mo chriosan is mo chìre
is mo stìomag chaol cheangail
[verse]
thig mo chrios à dùn eideann
is mo bhrèid à dùn chailleann
gheibh sinn crodh as a’ mhaorainn
agus caoraich à gallaibh

[verse]
is ann a bhios sinn ’gan àrach
air àirigh am bràigh raithneach
ann am bòthan an t+sùgraidh
is gur e bu dùnadh dha barrach

[verse]
bhiodh a’ chuthag ’s an smùdan
a’ gabhail ciùil duinn air chrannaibh
bhiodh an damh donn ’s a bhùireadh
gar dùsgadh sa mhadainn



Random Lyrics

HOT LYRICS

Loading...