mànran - fios lyrics
tha a’ mhadainn soilleir grianach ‘s a’ ghaoth ‘n iar a’ ruith gu rèidh;
tha an linne sleamhainn sìochail on a chiùinich strì nan speur;
tha an long na h+èideadh sgiamhach, ‘s cha chuir sgìos i dh’iarraidh tàmh;
mar a fhuair ‘s a chunnaic mise, a’ toirt an fhios seo chun a’ bhàird
seo crùnadh mais’ a’ mhìos san tèid don dìthreabh treudan bhò
do ghlinn nan lagan uaigneach anns nach cuir ‘s nach buainear pòr
leab+innse buar nan geum + cha robh mo roinn diubh ‘n+dè le càch;
mar a fhuair ‘s a chunnaic mise, thoir am fios seo chun a’ bhàird
ged a roinneas gathan grèine tlus nan speur ri blàth nan lòn
‘s ged a chìthear sprèidh air àirigh, is buailtean làn de dh’ àlach bhò
tha ìle ‘n+diugh gun daoine, chuir a’ chaor’ a bhailtean fàs;
mar a fhuair ‘s a chunnaic mise, thoir am fios seo chun a’ bhàird
ged a thogar feachd na h+alb’, as cliùiteach ainm air faich’ an àir
bithidh bratach fhraoich nan ìleach gun dol sìos ga dìon le càch;
sgap mì+rùn iad thar na fairge, ‘s gun ach ainmhidhean balbh nan àit’;
mar a fhuair ‘s a chunnaic mise, thoir am fios seo chun a’ bhàird
cha chluinnear luinneag òighean, sèist nan òran air a’ chlèith
‘s chan fhaicear seòid mar b’ àbhaist a’ cur bàir air faiche rèidh;
thug ainneart fògraidh bhuainn iad; ‘s leis na coimhich buaidh mar ‘s àill;
leis na fhuair ‘s a chunnaic mise, thoir am fios seo aig a’ bhàird
chan fhaigh an dèirceach fasgadh no ‘m fear+astair fois o sgìos
no soisgeulach luchd+èisdeachd; bhuadhaich eucoir, goill is cìs;
tha an nathair bhreac na lùban air na h+ùrlair far an d’fhàs
na fir mhòr’ a chunnaic mise; thoir am fios seo chun a’ bhàird
Random Lyrics
- roxette - let your heart dance with me lyrics
- witrie - tak cukup satu rasa lyrics
- elissa - سهرني حبيبي lyrics
- pet shimmers - madonna's people lyrics
- ntombela - ukuzindla lyrics
- lil suzy - erased lyrics
- chandra rhyme - relate lyrics
- nastii - plaintiff lyrics
- ada ehi - i'm a miracle lyrics
- brent cobb - the world is ending lyrics