mànran - trod lyrics
teann a+null ‘s na fuirich rium
bhon ‘s e mo dhiomb a choisinn thu
fuirich sàmhach air mo chùlaibh
sùgradh cha bhith nochd againn
latha dhomh ‘s mi agòl an drama
còmhla ri òigearan glana
ged a bha mo bheansa banail
‘s sgainnealach a throid i rium
labhair ise sin na briathran
“fàsaidh tu d’ shruthaire breugach
‘s eagal leam nach paigh thu d’ fhiachan
‘s e do ghnìomh tha coltach ris!”
“chan fhuiling mi bonn a d’ bheadradh
air moch no anmoch no feasgar
‘s fheàrr leat comunn nan stòb beaga
‘s thoill thu leasan goirt thoirt dhut!”
“thug thu òg do cheannas+cinnidh
do mhac an tòisich an gille;
bhon a rinn an t+òl do mhilleadh
ad mhire chan eil toirt agam!”
“’s olc an obair dhut bhith daonnan
a’ tighinn dhachaigh air an daoraich
cuiridh tu mise gu caoineadh
‘s dh’aognaich fear do choltais mi.”
“tha thu gun bhriogais, gun fhèileadh
‘s e air tolladh air do shlèisnean
‘s ciamar a nì mi dhut èideadh?
chuir thu fèin gu bochdainn mi.”
Random Lyrics
- miro a.k.a dictator - fast flow lyrics
- hande yener - kaç lyrics
- ohlif - kinjutsu da pétala tatuada lyrics
- wallace vanborn - lion's manual lyrics
- zach boucher - lifestream (cloud vs. sephiroth rap) lyrics
- rat kru - dom cudownych upadków lyrics
- burned time machine - close to you lyrics
- massivesad - re: builds lyrics
- fiflak - trapstar lyrics
- bartees strange - all the wine lyrics