runrig - cearcal a' chuain lyrics
Loading...
tha sinn uile air cuan
stiùireadh cuairt troimh ar beatha
a’ seòladh geòla dhorch
air chall an grèim na mara
tha a’ ghaoth air ar cùl
tha a’ gheòl a’ c-mail roimhe
‘s cha dèan uair no an cuan
toinisg dhuinn no rian
a’ mhuir tha i ciùin
tha i fiadhaich tha i farsainn
tha i àlainn tha i dìomhair
tha i gamhlasach is domhainn
ò ach sin, tha sinn dall
‘s chan eil againn ach beatha
tog an seòl, tog an ràmh
gus an fhaigh sinn astar ann
ach tha mi ‘n dùil, tha mi ‘n dùil
nuair a bhios a’ ghrian dol fodha
chì iad mi a’ stiùireadh ‘n iar
null a dh’uibhist air a’ chearcall
cearcall a’ chuain
gu bràth bidh i a’ tionndadh
leam gu machair geal an iar
far an do thoisich an là
Random Lyrics
- fragile nova - games with life lyrics
- tori kelly - you caught me lyrics
- saving grace - unbreakable lyrics
- yello - friday smile lyrics
- edgewater - i won't back down lyrics
- buju banton - i rise lyrics
- proclaimers - after you're gone lyrics
- gene vincent - send me some lovin' lyrics
- ferry corsten - watch out lyrics
- emerna - as sword is kissing vein lyrics