
the rankin family - an innis aigh lyrics
[verse 1]
seinn an duan seo dhan innis àigh
an innis uaine as gile tràigh
bidh sian air uairean a’ bagairt cruaidh ris
ach ’s e mo luaidh+sa bhith ann a’ tàmh
[verse 2]
càit’ as tràith’ an tig samhradh caomh
càit’ as tràith’ an tig blàth air craoibh
càit’ as bòidhche an seinn an smeòrach
air bhàrr nan ògan? ‘s an innis àigh!
[verse 3]
tiugainn leam+sa chun na tràigh
‘s an fheasgar chìuin+ghil aig àm an làin
‘s chì thu ‘m bòidhchead ‘s an liuthad seòrsa
de dh’eòin tha còmhnaidh ‘s an innis àigh
[verse 4]
an t+iasg as fiachaile dlùth don tràigh
is ann m’a chrìochan is miann leis tàmh;
bidh gillean èasgaidh le dorgh is lìontan
moch, moch ga iarraidh mun innis àigh
[verse 5]
o ‘s geàrr an ùine gu ‘n teirig là;
thig an oidhche ‘s gun iarr mi tàmh
mo chadal buan+sa bidh e cho suaimhneach
ma bhios mo chluasag ‘s an innis àigh
seinn an duan seo dhan innis àigh
Random Lyrics
- fresquito & mango - loncha de queso lyrics
- benjamin elias (benjamin elia$) - lol lyrics
- chess boxing - flying pocket knives lyrics
- valmir aroeira - se não tiver amor lyrics
- yn jay - surprise lyrics
- josef slunge - heybabey lyrics
- benjamin elias (benjamin elia$) - the end lyrics
- gianmarco onestini - maracaná lyrics
- rucku$ (rapper) - vibe check lyrics
- ed maverick - del río (en vivo) lyrics