
the rankin family - chì mi na mòrbheanna (mist covered mountains) lyrics
[sèist]
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
[rann]
chì mi gun dàil an t+àite ‘san d’ rugadh mi;
cuirear orm fàilte ‘sa chànan a thuigeas mi;
gheibh mi ann aoidh agus gràdh nuair ruigeam
nach reicinn air thunnachan òir
[sèist]
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
[rann]
chì mi ann coilltean; chì mi ann doireachan;
chì mi ann maghan bàna is torraiche;
chì mi na fèidh air làr nan coireachan
falaicht’ an trusgan de cheò
[sèist]
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
[rann]
beanntaichean àrda is àillidh leacainnean;
sluagh ann an còmhnaidh is còire chleachdainnean;
‘s aotrom mo cheum a’ leum ‘gam faicinn;
is fanaidh mi tacan le deòin
[sèist]
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
o, chì, chì mi na mòrbheanna;
o, chì, chì mi na còrrbheanna;
o, chì, chì mi na coireachan
chì mi na sgorran fo cheò
chì mi na sgorran fo cheò
chì mi na sgorran fo cheò
Random Lyrics
- gustave charpentier - la musique lyrics
- conor - full count lyrics
- b!ng (bing) - ninety nine lyrics
- zavet (deu) - camouflage lyrics
- chesle - young. lyrics
- lyrics born - do that there (acoustic) lyrics
- deeriginal - 9am lyrics
- alexander böhm - eminem feat. rihanna - love the way you lie (auf deutsch!) lyrics
- big yba - cut em off lyrics
- jane remover - trashman lyrics