the rankin family - o tha mo dhùil ruit lyrics
(traditional)
o tha mo dhùil ruit
tha ‘s bi mo dhùil ruit
òg a chuir mi ùidh
ann an cùirtear na féile
caomh leam an t-òigear
dh’fhalbh uainn di-dòmhnaich
‘s e bhi nochd a’ seòladh
thug deòir mo léirsinn
o tha mo dhùil ruit
tha ‘s bi mo dhùil ruit
òg a chuir mi ùidh
ann an cùirtear na féile
gheall e bhi dìleas
‘s cinnt leam gur fìor e
ged tha mi ‘n diugh fo mhì-ghean
gun sgrìobhadh ‘o méudail
o tha mo dhùil ruit
tha ‘s bi mo dhùil ruit
òg a chuir mi ùidh
ann an cùirtear na féile
‘s diomhain bhi tùrsach
‘s deòir air mo shùilean
chaoidh cha chuir e cùl rium
mo run-sa cha tréig mi
o tha mo dhùil ruit
tha ‘s bi mo dhùil ruit
òg a chuir mi ùidh
ann an cùirtear na féile
com as grinne nàdur
beul as binne mànran
rognaich mi thar chàche
‘s gur tràth thag mi spéis da
o tha mo dhùil ruit
tha ‘s bi mo dhùil ruit
òg a chuir mi ùidh
ann an cùirtear na féile
gann biodh ar storas
mòr bidh ar sòlas
gach làtha mar bu chòir dhuinn
a’ còmhnadh a chéile
o tha mo dhùil ruit
tha ‘s bi mo dhùil ruit
òg a chuir mi ùidh
ann an cùirtear na féile
Random Lyrics
- bastille - would i lie to you? lyrics
- la dear - ff lyrics
- marit larsen - faith & science lyrics
- ruff ryders - what y'all niggas want lyrics
- arika kane - bcuz i luv u lyrics
- david olivarez - amiga mia lyrics
- voidd4k - icarus lyrics
- dem outta st8 boyz - just like you lyrics
- camilo sesto - canción de herodes lyrics
- timbuk 3 - small town hero lyrics