azlyrics.biz
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

albannach – a’mhaighdeann bharrach lyrics

Loading...

cluinnidh mi thar uchd na mara
ard os cionn na gaoith ri gaillinn
torman beag an cois a’chladaich
mionaghallan na maighdinn bharraich

seachad ciosmul a’chaisteil
eithrichean a’ ruith le astar
fàth mo bhròin tha aon tè dh’aindheoin
m’ùrnaighean nach tìll gu acair

ionndrainn mo leannainn ga mo riasladh
mar fhraoch geamhraidh tha mi ciaradh
speireid beatha dh’fhalbh e, chrion e
dh’fhalbh an gaol ‘s an òig gu siorruidh

cha dean sinne ghaolaich chiataich
mànran ri chòile gu siorruidh
gruagach na stuadh ghabh i miann ort
shuain i cuailein ort na liaghain

cluinnidh mi thar uchd na mara
ard os cionn na gaoith ri gaillinn
torman beag an cois a’chladaich
mionaghallan na maighdinn bharraich



Random Lyrics

HOT LYRICS

Loading...