balach – leisgeulan fann lyrics
[verse 1]
searradh amhaich am meadhan an earraich
ùr+bhreith nam ìnean
a’ siubhal air ite ‘s ag amharc le uaill
uan a+measg nan sìthean
[verse 2]
ri grìosadh an teine agam fhìn le mòine
connadh gus fuath a sgapadh mun cuairt
tha ‘n fhuachd ann a+nis, tha mo bhruadairean cho trom
gun fuath do dhuin’ ach mi+fhìn
[chorus]
bu mhiosa buileach gur mis’ a bhios tùrsach
‘s nì rànail air òrdag bun os cionn air youtube
cha lorg fear brèige an solas na grèine
àite falaich air cùlaibh leisgeulan fann
‘s iad a tha gann, iad a bha ann
‘s cha lorg mi maitheanas mura h+èist iad rium
chan eil mise fiùghail ach a’ faighneachd co+dhiù
eil sealladh na fala tabhachd blàths na do bhrù?
[verse 3]
fuil is fallas, dùil ri gamhlas
drùidhte bha na sìtheanan
dòrtadh gu socair, na boinneagan blàth
an tiodhlac bha nam ìnean
[verse 4]
le samhradh cha tàinig blàths man a b’ àbhaist
ach futhar is bruthainneachd chruaidh
thàinig sgòthan a rabhadh uisg’ a rinn bàthadh
ach nach mùchadh an nàire nam ghruaidh
[chorus}
bu mhiosa buileach gur mis’ a bhios tùrsach
‘s nì rànail air òrdag bun os cionn air youtube
cha lorg fear brèige an solas na grèine
àite falaich air cùlaibh leisgeulan fann
‘s iad a tha gann, iad a bha ann
‘s cha lorg mi maitheanas mura h+èist iad rium
chan eil mise fiùghail ach a’ faighneachd co+dhiù
eil sealladh na fala tabhachd blàths na do bhrù?
[instrumental]

Random Lyrics
- gloyd – feellikeachilles lyrics
- mimmi bangoura – impressive lyrics
- winky d – vafarisi lyrics
- lawfulgoof – stranger danger ! lyrics
- desire marea – be free lyrics
- george mallin – throwback lyrics
- drew sycamore – into your arms lyrics
- iris dement – the cherry orchard lyrics
- paola di leo – momento distratto lyrics
- bizi – xo lyrics