azlyrics.biz
a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 #

ellen macdonald – fil o ro lyrics

Loading...

fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
air fa le li o agus ho ro hug eile
chan fhaigh mi cadal sàmhach
a ghràidh, ‘s gun thu rèidh rium

is truagh nach robh mis’ agus tusa far an iarrainn
sia latha na seachdain, is seachd, ochd bliadhna
nn seòmraichean glaiste le clàidheamhan iarainn
na h+iuchraichean air chall agus dall bhith gan iarraidh
fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
air fa le li o agus ho ro hug eile
chan fhaigh mi cadal sàmhach
a ghràidh, ‘s gun thu rèidh rium

bu bhinne leam do chòmhradh na smeòrach nan geugan
na cuthag sa mhadainn mhàighe no clàrsach nan teudan
nan t+easbaig air latha dòmhnaich, ‘s am mòr+shluagh ga èisteachd
no ged a chunntadh stòras na h+eòrpa gu lèir dhomh

fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
air fa le li o agus ho ro hug eile
chan fhaigh mi cadal sàmhach
a ghràidh, ‘s gun thu rèidh rium

is truagh nach robh mi fàgail an t+saoghail seo ro+chianail:
bha dòchas faoin gam thàladh, ‘s e ‘n gaol rinn mo dhìobhail
ged fada bhuam a shiùbhladh tu rim bheò bhithinn riut dìlеas
‘s nuair thigeadh latha na cruinne ‘s e mòr ròs a dh’iarrainn

fil o ro, fil o ro, fil o ro hug еile
fil o ro, fil o ro, fil o ro hug eile
air fa le li o agus ho ro hug eile
chan fhaigh mi cadal sàmhach
a ghràidh, ‘s gun thu rèidh rium



Random Lyrics

HOT LYRICS

Loading...